Coinneach MacÌomhair

Coinneach MacÌomhair

Rugadh Coinneach MacÌomhair, Kenny Murdo Ruairidh Mhurchaidh Iain Bhàin (1924-1978) ann an Lacasaidh, Leòdhas. An dèidh Bun-sgoil a' Chnocain Duibh chaidh e do Sgoil MhicNeacail.

Bha e anns a' nèibhidh aig àm a' chogaidh anns na bàtaichean a bha dèiligeadh ri mèineachan, agus nuair a chrìochnaich an cogadh bha e greis aig an taigh ann an Lacasaidh a' breabadaireachd.

An an 1953 fhuair e cosnadh anns an t-Seirbheis Shìobhalta agus bha e ag obair ann an Glaschu an toiseach, mus do ghluais e a Lunnainn.

Ann an 1961 phòs e Mairead NicDhòmhnaill, à Healadal ann an Cataibh, agus bha triùir chloinne aca. Tha fear dhiubh sin, Ruaraidh, na bhall de Chòisir Ghàidhlig nan Loch.

Ann an Lunnainn, bha Coinneach gu mòr an lùib coimhearsnachd Ghàidhealach Lunnainn. Bha e na bhall de chlub nan Leòdhasach a bhiodh a' coinneachadh a h-uile oidhche Haoine ann am Fetter Lane. Bha e fhèin agus Mairead nam buill de Chòisir Ghàidhlig Lunnainn agus bha e a' teagasg clasaichean Gàidhlig ann an Aitreabh Litreachais a' Bhaile.

Sheinn e anns an dealbh Rockets Galore agus sheinn e cuideachd anns an Albert Hall. Bha e mu dheich bliadhna ann an Lunnainn mus do ghluais e gu Durham ann an 1965. Anns a' bhaile sin cuideachd bha fèill mhòr air mar sheinneadair agus mar fhear-an-taighe aig cèilidhean.

Tha e coltach gum biodh an luchd-èisteachd air am beò-ghlacadh leis oir bha e eirmseach agus bha dòigh shònraichte aige air sgeulachd innse. Bha e fhèin a' faighinn tlachd mhòr à bhith am measg dhaoine. Bha e a' seinn anns a' Civil Service Choir ann an Durham agus bha e na bhall de Chomunn Gàidhlig a bha anns a' Chaisteal Nuadh.

Ged a sheinneadh e a h-uile seòrsa òran, ann am Beurla agus ann an Gàidhlig, b' e an dòigh a ghabhadh e na puirt a bha a' còrdadh gu mòr ri luchd-èisteachd.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.