Ceathrar à Còisir Eaglais Chaluim Chille

Rinneadh an clàradh seo ann am Baile Àtha Cliath ann an 1930 le ceathrar a' seinn fon ainm St Columba Gaelic Quartet. 'S iadsan Alasdair MacAmhlaigh, Màiri NicLaomainn, a fhuair Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1913, Iseabail Nic Ille Mhoire agus Niall A. Ros.

Bhuineadh iad do Chòisir Eaglais Chaluim Chille, eaglais a tha sònraichte ann an eachdraidh Gàidheil Ghlaschu. Mar a mhìnich Fionnlagh J. Dòmhnallach ann am prògram a rinn e don BhBC mun eaglais air 17/11/1977:

"Seo an eaglais às an do fhreumhaich agus às an do shreap a' chuid as motha dha na comainn 's dha na buidhnean a chur dreach agus dlùth agus cur air saoghal na Gàidhlig na latha, feadhainn dhiubh a-nis air searg, feadhainn dhiubh an làthair fhathast."

B' ann à Comann sònraichte a dh'fhàs an eaglais fhèin. Chaidh an Glasgow Highland Society a thòiseachadh sa bhliadhna 1727, nuair nach robh ach beagan is fichead mìle neach as a' bhaile, nam measg àireamh de Ghàidheil. B' e amas a' Chomainn gun cuidicheadh an fheadhainn a b' fheàrr dheth daoine a bha bochd agus a' fulang tàire air sgàth sin. Thòisich iad cuideachd a' cumail sgoil bheag thall 's a bhos sa bhaile, a' teagasg Beurla agus a' teagasg an t-soisgeil.

An dèidh Bliadhna Theàrlaich dh'fhàs an àireamh Ghàidheil a bha an Glaschu gu mòr agus bha dha-rìribh feum air a' Chomann, a chuid sgoiltean agus air an Gaelic Chapel Society a chaidh a stèidheachadh ann an 1768. Bha mu 20,000 Gàidheal sa bhaile agus mòran dhiubh sin nach tuigeadh an t-soisgeal ach as a' Ghàidhlig a-mhàin.

Rè ùine chaidh àiteachan adhraidh a thogail dhaibh agus bha a' fear bu mhotha dhiubh air iomall a' bhaile, far a bheil Sràid Ingram an-diugh. B' e seo 'seanmhair' Eaglais Chaluim Chille agus dh'fhosgladh i ann an 1770. B' e Ùisdean MacDhiarmaid a' chiad mhinisteir, air thuarastal £200 sa bhliadhna. Chaidh cuideachd sgoil agus bùithtean a thogail leis a' Highland Society agus an Gaelic Chapel Society timcheall air an eaglais.

Ach a dh'aindeoin 's gun robh còrr agus mìle suidheachan innte, bha i ro bheag.

Mar a bha am baile a' fàs agus a' sgaoileadh bha am fearann air agus timcheall Sràid Ingram a' fàs luachmhor. Ann an 1838, roghnaich iad a h-uile togalach a bh' ann a reic ris a' Bhritish Linen Bank airson £12,000.

Chuir iad romhpa eaglais ùr a thogail an teis meadhan a' bhaile, air Sràid an Dòchais, far a bheil Central Station an-diugh. Chuir iad gairm gu ministeir a bha ann an Campsie aig an àm, an t-Urramach Tormod MacLeòid(1738-1862), no mar a chante ris Caraid nan Gàidheal. B' e a thug an suaicheantas "Taigh mo Chridhe, Taigh mo Ghràidh" dhan eaglais.

B' e duine foghainteach a bha ann am MacLeòid agus neartaich an coitheanal gu mòr ri linn. Rinn e obair ionmholta às leth sluagh na Gàidhealtachd ann am bliadhnaichean an acrais agus thug e inbhe às ùr do Ghàidheil as a' bhaile.

Am measg na ministearan ainmeil eile a bha air ceann Eaglais Chaluim Cille, bha an t-Urramach Raibeart Blàrach a rugadh an Dùn Omhain ach a thogadh an Ìle. Thàinig e dhan eaglais ann an 1869. Rinn e eadar-theangachadh dhan Bhìoball, sgrìobh e laoidhean agus bha e na shearmonaiche cumhachdach.

Bha làmh aige fhèin agus aig muinntir Eaglais Chaluim Chille ann a bhith a' steidheachadh Comann Gàidhealach Ghlaschu, airson cobhair a dhèanamh air na bha de Ghàidheil bhochda sa bhaile.

Bha còrr agus 600 sgoilear as a' sgoil Shàbaid ri linn agus 70 duine gan teagasg, agus bha an eaglais trang a h-uile h-oidhche dhan t-seachdain le buidhneab deasbad agus buidhnean ciùil.

Thug am Blàrach na Penny Readings, seòrsa de chèilidhean a' bha dol aig an àm, a-steach fo sgiath na h-eaglais gus rian a chumail orra.

B' ann bho na Penny Readings agus na cèilidhean a bhiodh Comann Gàidhealach Ghlaschu agus Comann Eaglais Chaluim Chille a' cur air dòigh a dh'èirich na Comainn sgìreil, leithid Comann an Eilein Sgitheanaich agus Comann Leòdhais is na Hearadh, a tha anns a' bhaile chun an latha an-diugh.

'S ann à Eaglais Chaluim Chille cuideachd a dh'èirich seinn chòisirean ann an Gàidhlig.

B' e Cruachan Beann a' chiad òran Gàidhlig a chaidh a chur ann an co-sheirm ceithir ghuthach, agus chaidh a chur air dòigh airson Còisir ùr Ghàidhlig Eaglais Chaluim Chille, mun bhliadhna 1872.

Chaidh a' chòisir fhèin a stèidheachadh mu bhliadhna ron sin, le ìmpidh a' mhinisteir, Raibeart Blàrach, a bha dhan bheachd gum bu chòir seinn na h-eaglais a bhith cho brèagha sa ghabhadh.

B' e Iain Mac an t-Saoir a bha air ceann na còisir airson a' chiad 10 bliadhna, ged is e Dòmhnall MacFhearghais, a bhiodh a' togail an fhuinn as an eaglais, a chuir air chois i. B' e brathair Dhòmhnaill, Gilleasbaig MacFhearghais, a thug gu àrd ìre i agus a chuir an leabhar ainmeil òrain, A' Chòisir Chiùil, ri chèile.

Choisinn Còisir Ghàidhlig Eaglais Chaluim Chille mòr chliù dhi fhèin aig àm anns an robh daoine a' dèanamh tàire air cànan agus seinn na Gàidhlig. Thugadh iad dhan Òban ann an 1891 gus misneachd a thoirt dhaibhsan a bha feuchainn ri Mòd a stèidheachadh agus 's iad a choisinn a' chiad duais ann an co-fharpaisean nan còisirean aig a' chiad trì Mòdan Nàiseanta.

Gu mì-fhortanach chan eil clàradh ann den làn chòisir.

Bha Eaglais Chaluim Cille air Sràid an Dòchais airson còrr air 60 bliadhna. Bha rathaidean iarainn a' sìor leudachadh agus dh'fhàs Glaschu gu bhith na dhàrna baile bu mhotha as a' rìoghachd. Anns an 1900 chaidh Eaglais Chaluim Chille a cheannachd gus Central Station a thogail air an làraich. Fad ceithir bliadhna bha an coitheanal ag adhradh ann an seòmraichean Waterloo gus an robh eaglais ùr deiseil dhaibh air Sràid an Naoimh Vincent far a bheil i chun an latha an-diugh.

Chosg an eaglais ùr £32,000 a togail agus chosg an t-organ £1,300. Chaidh a beannachadh as a' bhliadhna 1904 agus aig an àm a ghluais iad innte, ged a thrèig feadhainn an eaglais thairis air a' cheithir bliadhna a bha iad gun eaglais, bha 1,200 de luchd-comanachaidh agus 50 foirbheach aig a' mhinisteir, an t-Ollamh Iain MacIllEathain à Tiriodh.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.