Aonghas Iain Dòmhnallach

Rugadh Aonghas Iain Dòmhnallach an Cnoc a' Lìn an Uibhist a Tuath air 18 Gearran, 1900. Bha a shinnsireachd air a bhith san sgìre airson seachd ginealaich a rèir an eachdraidh-beatha aige, a sgrìobh an t-Ollamh Dòmhnall Fearghasdan san leabhar The Hebridean Connection, cruinneachadh den bheul-aithris a bha aig Aonghas Iain Dòmhnallach, a dh'fhoillsich e an Alba Nuadh an Canada an 1984.

Bha athair Aonghais Iain, Iain Mac Eòghainn 'ic Iain na mhaighstir-sgoile agus na sheanchaidh an Uibhist a Tuath agus na bhall de sheòrsa de chomann de sheanchaidhean air an robh Iantruig nam Boid, a chaidh a stèidheachadh tràth san t-seachdamh linn deug.

Bho òige tha e coltach gu robh ùidh mhòr aig Aonghas Iain ann an eachdraidh, òrain agus gach seòrsa beul-aithris, agus gu robh deagh chuimhne aige cuideachd. Chaidh Aonghas Iain e fhèin a ghabhail a-steach do chomann nan seanchaidhean ann an 1916.

Gu samhradh 1919 bha e ag obair còmhla ri athair a' togail agus a' càradh rathaidean Uibhist. An dèidh sin bha e air a' phoilis an Cille Mheàrnaig gu 1926 ach a' gabhail a h-uile cothrom tilleadh dhachaigh agus cuir ris an eòlas a bh' aige air a dhualchas.

Nuair a chaochail athair fhuair Aonghas Iain obair ann an Seirbhis a' Chrùin ann an Ceylon, ach cha robh e ann fada nuair a bhuaileadh e leis an tinneas cunnartach, malaria. Chaidh a chuir a dh'Astràilia airson faighinn thairis air. Mhol na dotairean dha gun tilleadh gu Ceylon air sgàth a shlàinte agus le sin dh'fhuirich e an Astràilia.

Phòs e bean Èireannach, Catrìona, agus rinn iad an dachaigh ann a' Sydney far an do lean e air a cruinneachadh bbeul-aithris bho eilthirich eile sa bhaile, à Uibhist a Tuath agus à ceàrnaidhean eile. Ann an 1930, ghabh e dreuchd mar rùnaire Comann Gàidhlig New South Wales.

Mu 1932, chuir e eòlas air Clement Hosking, seinneadair ainmeil an Astràilia aig an robh ùidh mhòr ann an òrain Ghàidhlig, agus thòisich e air Gàidhlig a theagasg dha.

Sgrìobh Hosking leabhar, Fine Song for Singing ann an 1951, a' toirt iomradh air cuairt a thug e fhèin a dh'Uibhist a chruinneachadh òrain, agus leabhar eile, Three Hebridean Songs ann an 1953.

Rinn Aonghas Iain mòran obair còmhla ri seinneadair agus neach-ciùil eile, Jean Gillespie London, a ghabh uallach airson a' chiùil anns an leabhar From the Farthest Hebrides, a dheasaich an t-Ollamh Dòmhnall Fearghasdan agus a dh'fhoillsich e ann an Canada ann an 1978. B' e Aonghas Iain an neach-deasachaidh Gàidhlig a bha air an leabhar seo, as a bheil iomadh òran a bha aige fhèin.

Thug e taic mhòr do Dhòmhnall Fearghasdan cuideachd le leabhar de dh'òrain a rinneadh le eilthirich an Aimeireaga a Tuath, an Astràilia agus ann an Sealan Nuadh, Fad air Falbh às Innse Gall (Canada, 1977).

Chaochail Catrìona ann an 1942 agus ged a bha Aonghas air fhàgail le dithis chloinne rin togail, 's gun iad ach còig agus ochd bliadhna, lean e air a' cruinneachadh òrain agus sgeulachdan, a' cuideachadh dhaoine aig an robh ùidh ann an Gàidhlig, agus a' teagasg a' chànain.

Ann an 1958 thill Aonghas Iain air chuairt a dh'Uibhist a Tuath airson an turas mu dheireadh. Chaochail e ann a' Sydney air 23 Samhain, 1975, agus e fhathast ag obair a' feuchainn ris na bh' aige de bheul-aithris air a chuimhne a sgrìobhadh sìos.

Chaidh leabhar mu Aonghas, The Last Shenachie le John Douglas Pringle, fhoillseachadh ann an Sydney, Astràilia, ann an 1976.

Leis a' chlàradh den òran Banais Chiostal Odhar a rinn Aonghas dhan BhBC chuir e am fiosrachadh a leanas:

"This song, of which there are many variations indeed, is actually a bagpipe composition. And the variation I'm giving here is called, in North Uist at any rate, Tionndadh Dhòmhnaill 'ac Ruaraidh. Mac Ruaraidh was a very colourful personality and in his day a very great piper. He was born in North Uist in the year 1803."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.