Anna NicPhàil

Anna NicPhàil

Rugadh Anna NicPhàil, Anna Iain a' Gheàrr, ann a' Siabost air 12 Dàmhair, 1942. B' i Oighrig NicLeòid, Oighreig Splin, a màthair agus bhuineadh a pàrantan le chèile do Shiabost. Bha nighean eile, Seonag, agus aon mhac, Iain san teaghlach. Tha Seonag pòsta ann an Melbourne ann an Astràilia agus Iain pòsta ann an Stèornabhagh.

Chaidh Anna don sgoil ann a' Siabost agus an dèidh an sgoil fhàgail, aig aois sia bliadhna deug, chaidh i a dh'obair a dh'Inbhir Nis, ann an Taigh-òsta Dhùghlais airson bliadhna.

Thill i dhachaigh à Inbhir Nis agus chaidh i a dh'obair a Mhuileann Shiaboist airson bliadhna gu leth. An dèidh sin bha i ag obair ann an taigh-òsta ann am Maol Ros, anns na Crìochan, agus ann an taigh-gnìomhachais Mhic an Tòisich, companaidh a bha a' deanamh àirneis-taighe ann an Cathair Chaladain, ann am Fìobha.

Thàinig i dhachaigh an uair sin agus ann an 1965 phòs Anna agus Dòmhnall Murchadh MacLeòid, mac Mhurchaidh Dhòmhnaill Bhig, breabadair à Siabost. Bha dithis nighean aca, Annetta agus Donna agus tha iadsan le chèile ag obair ann an Steòrnabhagh. Chaochail Dòmhnall ann an 2008.

Nuair a bhiodh i aig an taigh bhiodh Anna a' seinn aig cèilidhean air feadh an eilein, cha mhòr a h-uile seachdain. Ged a bha i a' dèanamh sin cha robh i buileach cofhurtail a' seinn mu choinneamh dhaoine agus air an adhbhar sin, ged a chaidh iarraidh oirre iomadach uair, cha do sheinn i riamh aig Mòd.

Aig deireadh na leth-cheudan bha i an lùib Sgioba Dràma Shiaboist, agus ann an 1959 nochd iad aig Fèis Dràma Ghàidhlig ann an Glaschu leis an dealbh-chluich "An Rùn Pòsaidh", eadar-theangaichte bhon Bheurla.

B' ann nuair a bha i air tìr-mòr aig an fhèis a chaidh a clàradh leis a' BhBC airson a' chiad uair. B' e Fred MacAmhlaigh a rinn an clàradh sin agus chaidh tuilleadh de na h-òrain aig Anna a chlaradh le Donaidh MacIlleathain, ann an 1970.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.