Anna NicGumaraid

Rugadh agus thogadh Anna, no Annabella, NicGumaraid ann an Tàbost nan Loch, Leòdhas. B' e a h-athair Alasdair Dòmhnallach, Alasdair Sheumais, a chaidh a thogail aig àireamh 9 sa bhaile.

Phòs e Iseabail NicDhòmhnaill bho 14 Baile Ailean ann an 1884 agus rinn iad an dachaigh aig 1 Tàbost. Bha naoinear chloinne aca, sianar bhalach agus triùir nighean, agus b' e Anna a b' òige.

Air 14 Gearran 1929, phòs Anna agus Iain MacGumaraid, Iain Dhòmhnaill 'an Aonghais Orasaigh, a thogadh aig 1 Orasaigh air na Lochan. Rinn iad an dachaigh an toiseach aig 15A, Baile Ailean agus an uair sin, ann an 1932, ghluais iad gu Sràid Bhuail na Creig ann an sgìre a' Bhataraidh ann a' Steòrnabhagh.

B' e mac dhaibh an t-Urramach Alasdair MacGumaraid, a bha na mhinisteir ann an Scalpaigh na Hearadh eadar 1965 agus 1976, agus an uair sin anns an Eaglais Shaor air a' Bhac ann a' Leòdhas bho 1976 gu 1994.

Chaochail Anna air 19 Dùbhlachd, 1990.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.