Anna NicDhòmhnaill, Ceap Breatainn

A rèir an leabhair Guthan Prìseil, deasaichte le Anne Landin, a chaidh fhoillseachadh ann an 2010 ann an Ceap Breatainn, b' i Anna Dhòmhnallach nighean le Dùghall Dòmhnallach, Dùghall Alasdair 'ic Dhòmhnaill 'ic Dhòmhnaill Bhàin Onorach, agus Màiri Pheutan, nighean Alasdair MacDhòmhnaill Pheutain, a bhuineadh do iar dheas Mhàbou air Eilean Cheap Breatann.

Phòs Anna Cailean Dòmhnallach, Collie Iain Shandaidh, agus bha iad a' fuireach ann am Port Hawkesbury.

A' bruidhinn mu deidhinn air BBC Radio nan Gàidheal thuirt Seumas MacBhàtair, a rinn prògraman air òrain agus seinneadairean Cheap Breatainn mar phàirt de Bhliadhna nan Òran 2010:

"Tha cuimhne agamsa a bhith a' tachairt rithe turas na dhà fhad 's a bha i a' fuireach sa Home as a' Ghut, no ann am Port Hawkesbury mar a dh'abradh iad cuideachd, agus cha robh innte ach dìreach boireannach beag, beag, bìodach, ach abair deagh bhan-òranaiche."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.