Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Rona Lightfoot.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Rona Lightfoot.
Sèist / Chorus
Hì liù hò ill ò
Hògaibh ò, mo ghaol a' chruinneag
Hì liù hò ill ò.
'S ann a dh'fhaighneachd dhìom mo bhràthair
Ca' na dh'fhàg thu 'n fhichead guinea?
Innsidh mi sin dhut an-dràsta
Ca' na dh'fhàg mi h-uile sgillinn.
Thug mi guinea air a' bhàta
Thug mi sàbhailt' à Caol Mhuile.
Guinea eile 'n Dotair Stiùbhart
Air eagal mo chliù a mhilleadh.
Thug mi tacan falbh na sràidean
Le tè bhàn na gruaige duinne.
Cheannaich mi dhith gùn dhan t-sìoda
'S na phrìneachan bha ga chumail.
Cheannaich mi dhith brògan àrda
Gus a sàilean chumail tioram.
Cheannaich mi each 's cha b'e dhiù e
Dh'aindeoin trùp a bh'aig Righ Uilleam.
Thug mi còrr 's dà ghuinea dheug air
'S cha b'e fhiach e ach an tuilleadh.
Bha e còrr is leth-cheud bliadhna
'S chumadh e ri fiadh a' mhonaidh.
Cheannaich mi srian is dìollaid
A bha crìonadh ann an uinneig.
Cheannaich mi sin 's spuirean 's brògan
'S cha robh gròt aig Dòmhnall tuilleadh.

Rugadh Rona Lightfoot, Rona Eàrdsaidh Raghnaill, air 17 Giblean 1936 agus thogadh i ann an Gearraidh Sheillidh, an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Rona Lightfoot / Learn more about Rona LightfootCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.