Sùthan 's am Peile

Òran air a sgrìobhadh le: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein) agus air a sheinn le: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein).

This is a song written by: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein) and sung by: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Tha Sùthan 's am peile 's an t-slat air a dhruim.

'S ann siud bha an sgiobadh
air ocean-going clipper
's e Sùthan an sgiobair
's e 'n cunnart a bh' innt'.
Tha Sùthan 's am peile 's an t-slat air a dhruim.

Bu treun bha na gaisgich,
Sweep 's Angaidh Racaidh,
h-uile fear 's e cho tapaidh
ri snèipean na Caimb.
Tha Sùthan 's am peile 's an t-slat air a dhruim.

Ailean Ins 's e cho sona,
tha sròin air mar sgona
ach cumaidh e dol iad
fhad 's bhios e ri seinn.
Tha Sùthan 's am peile 's an t-slat air a dhruim.

Calum Doisean cho dòigheil
le screw-tops na phòcaid,
chan fhacar a sheòrs' ann
ach dò-bhliadhnach laoigh.
Tha Sùthan 's am peile 's an t-slat air a dhruim.

O, thusa mhuic-mhara,
thoir ort fhèin an aire
mun tèid do ghlacadh an cabhaig
le prìn ad Magaidh Fionn.
Tha Sùthan 's am peile 's an t-slat air a dhruim.

O Shùghain an dòlais,
sa bhothan gheibh sòlas
's bidh fàileadh a' chnòdain
an còmhnaidh gad chlaoidh.
Tha Sùthan 's am peile 's an t-slat air a dhruim.

Angaidh Racaidh cho spaideil
le lèine bhrèagha gheal air
Forty pounds air a broilleach
's New York air a druim.
Tha Sùthan 's am peile 's an t-slat air a dhruim.

O Sweep, 's tu tha cleachdach
air saoidhean led bhracaist
gun tòisich do chraiceann
a' tionndadh na sgrum.
Tha Sùthan 's am peile 's an t-slat air a dhruim.

Sa chrìoch tha mi duilich,
tha 'n t-iasg nis air ruith orr'
's cha till e chaoidh tuilleadh
gum bi 'n cunnart air grunnd.
Tha Sùthan 's am peile 's an t-slat air a dhruim.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.