Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Rona Lightfoot.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Rona Lightfoot.
E hò hao ri ri a hò
E hò hao ri ri a hò
Shuidh mi air cnoc àrd an t-siùil
E ho hao ri ri a hò gu
E ho hao ri iù ra bhò
Shuidh mi air cnoc àrd an t-siùil
E hò hao rì o hò
Thog mi an teine. Rinn mi smùid.
E ho hao ri ri a hò gu
E ho hao ri iù ra bhò
Thug mi sealladh taobh mo chùil
E hò hao rì o hò
Chunnaic mi tighinn an triùir
E ho hao ri ri a hò gu
E ho hao ri iù ra bhò
Chunnaic mi tighinn an triùir
E hò hao rì o hò
Fear is gille, gunna 's cù
E ho hao ri ri a hò gu
E hò hao ri iù ra bhò
Fear is gille, gunna 's cù
E hò hao rì o hò
As deoghaidh sin luchd nan cùl
E ho hao ri ri a hò gu
E hò hao ri iù ra bhò
As deoghaidh sin luchd nan cùl
E hò hao rì o hò
Luchd nan leadan 's nam beul fionn
E hò hao ri ri ò hò gu
E ho hao ri iù ra bhò
Luchd nan leadan 's nam beul fionn
E ho hao rì o ho
E ho hao rì o ho
Shuidh mi air cnoc àrd na buaile
Thug mi sealladh taobh mo ghuaille
Chunnaic mi tighinn na h-uaislean
Coltas Raghnaill Oig is Ruaraidh
'S Alasdair buidhe na gruaigeadh
Nam bu chuimhneach leat on uairsin
Nuair a bha mi 's tu 'n Gleann Cuaicheadh.
Fhir a shiùbhlas tron ghleannan
Their mo shoraidh-sa gu m' leannan
Innis dha gu bheil mi fallainn
Gun do chuir mi'n geamhradh fairis
Gun do thiarainn mi 'ron Earrach
Rana' mi samhradh a' bhainne.

Rugadh Rona Lightfoot, Rona Eàrdsaidh Raghnaill, air 17 Giblean, 1936, agus thogadh i ann an Gearraidh Sheillidh an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Rona Lightfoot / Learn more about Rona LightfootCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.