Fiosrachadh mu thaghadh farsaing de dh'òrain Ghàidhlig bho thasglann a' BhBC.Find information on a wide range of Gaelic songs from the BBC's Gaelic archive.
Tha an fhiosrachadh air a roinn ann an còig diofar earrannan: a rèir ainm an òrain, ainm an sgrìobhaiche, ainm an t-seinneadair, cuspair an òrain, agus tasglann a' Mhòid. Tha an fhiosrachadh a rèir na h-aibidil, le ainmeannan dhaoine ann an òrdugh a rèir ainmean-baistidh.The information is categorised by: song title, writer, singer, song theme, and a Mod archive. The content is listed alphabetically, with people's names ordered according to Christian name.
Ann an tasglann a' Mhòid, cluinnear taghadh de dh'òrain a chaidh a chlàradh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail eadar 1894-1990: measgachadh de dh'inbhich agus de dh'òigridh a choisinn boinn thairis air na bliadhnaichean. Chithear cuideachd bhidiothan de chuid de luchd-buannachaidh Mod Ghallaibh 2010.In the Mod archive you can listen to songs recorded at the Royal National Mod between 1946-1989: including a selection of adult and junior medallists. You can also watch a selection of videos from the Caithness Mod 2010.
Rugadh Mairead NicLeòid ann an Dùn Èideann ged a bha a màthair às an Àird anns a' Rubha agus a h-athar à Tolastadh a' Chaolais ...
Rugadh Mairead McLeman air a' Bhac, Leòdhas, nighean le Aonghas Stiùbhart, Aonghas Upsan bhon a' Bhac, agus Criosaidh Mairead NicLeòid, Nighean Ìonag, à Col. Tha ...
Buinidh Ceana Chaimbeul agus a piuthar, Màiri, don Ghnìoba, anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is ...
Rugadh Eòin Dòmhnallach, Eòin Eachainn ann a' Hùnagladair, Cille Mhoire, ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich air 20 Dùbhlachd, ...
B' ann às a' Ghearastan a bha Màiri Anna NicChoinnich, ach bha ceangal làidir aice ris an Rubha an Leòdhas. Chaochail am màthair 's gun ...
Rugadh agus thogadh Màiri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a màthair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...
Buinidh Màiri C. NicNèill don Bhàgh a Tuath ann am Barraigh. An dèidh an sgoil fhàgail chaidh i gu Colaiste a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh. ...
Rugadh Màiri Chaimbeul anns an t-Srùigh ann a' Srath Ghlais air 14 Dùbhlachd, 1888. B' e geamair a bha na h-athair, Raibeart, a bhuineadh do ...
Rugadh is thogadh Màiri Nic a' Ghobhainn ann an Dail bho Thuath, Leòdhas, ann an dachaigh far an robh seinn na rud cho nàdarrach ri ...
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.