Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: catrìona nicLeòid agus cathy rachel nicLeòid.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: catrìona nicLeòid agus cathy rachel nicLeòid.
Sèist / Chorus
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Nam biodh tu rim thaobh, cha bhithinn fo leòn,
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg.
'S nuair leig sinn air falbh i le riof às a' Cheannmhoir,
Bha eagal air Tormod gu falbhadh an seòl.
'S nuair fhuair sinn a-null i gu cidhe Àird a' Mhuilidh
Bha an fhairge cho dubh is i brùchdadh na tòir.
Nuair chaidh sinn air tìr ann an cùl Eilean Shìophoirt,
Bha 'n sgadan a dhìth oirnn nan innsinn a' chòrr.
Mo shoraidh le dùrachd gu Màiri, bean Fhionnlaigh,
Thug dhuinn e gun chaomhnadh do shùgh an daimh mhòir.
Bha Beitidh NicAmhlaigh 's na Deasaich a' dannsa,
'S bha mise san àm sin 's mo cheann fon an t-seòl.
Na stocainnean badach a fhuair mi om leannan
Bha cumail a' chabhaidh o bharraibh mo mheòir.
'S na stocainnean àlainn a fhuair mi 'on phàiste
Thuirt Coinneach mo bhràthar gum b' fheàrr iad na stòr.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.