Port na Caillich

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mairead NicAoidh (Beasa Òb an Doill).

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Mairead NicAoidh (Beasa Òb an Doill).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nuair thèid mi chun na fèill
Bidh a' chailleach às mo dhèidh,
Casadaich am beul a clèibh
'S fheudar dhomh bhith suidhe rithe.

Sèist / Chorus

'S fheudar dhomh bhith suidhe, suidhe,
'S fheudar dhomh bhith suidhe rithe.
'S fheudar dhomh bhith suidhe, suidhe,
'S fheudar dhomh bhith suidhe rithe.

Thig mi dhachaigh on bhuain:
Bhithinn gu h-airtnealach fuar.
Gheibhinn dhan a' phròs fhuar
Làn na coise-duibhe dheth.

Thiginn dhachaigh on chrann:
Bhithinn gu h-airtnealach fann.
Chithinn an rud nach biodh ann -
Samhla 's i na suidhe rium.

Thiginn dhachaigh on nì:
Bhithinn gu h-airtnealach sgìth.
Dheighinn a laighe leam fhìn,
'S shìn i cnàmhan dubha rium.

Mìle beannachd aig gill' òg
A phòsadh cailleach dha dheòin:
A dh'aindeoin airgead no òr
Leòn a cnàmhan dubha mi.

Mìle beannachd aig an eug:
'S iomadh fear dhan d' rinn e feum.
Thug e leis mo chailleach fhèin
'S èibhinn leam gun d' shiubhail i.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha an artaigil a sgrìobh Fred MacAmhlaigh mu Bheasa Ob an Doill agus còig de na h-òrain aice ri lorg ann an iris Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher, Àireamh 22.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.