Òran air a sgrìobhadh le: Calum 'Ruadh' MacNeacail agus air a sheinn le: Calum 'Ruadh' MacNeacail.
This is a song written by: Calum 'Ruadh' MacNeacail and sung by: Calum 'Ruadh' MacNeacail.
M' àite còmhnaidh an Creagan,
Àite deasachadh m' òran
Dha gach nì bhios mun cuairt domh
'S tric fo ghruaim is gun dòigh mi,
Thig an còmhnaidh air m' inntinn
Liuthad rann agus gòraich
Is car searbh chuir a' chuibhle
Dh'fhàg e m' inntinn-sa brònach.
Cha b' e siud a bha 'n dàn domh
Anns an àite seo còmhnaidh,
Ach gum bithinn mar tha mi,
Ged nach bàrd mi, ri òran;
'S e Dùghall Caimbeul air chuairt
Fuireach shuas anns an Òlach,
Thuirt e, "Chaluim, dèan rann
Dhan a' Chuilthionn 's a mòrachd."
Bha 'n gnothach ro dhoirbh leam
O gu dearbh bha siud dhòmhsa.
Nach do shreap mi iad riamh,
'S ciamar dhèanainn dhaibh òran;
Dha gach sgurr agus frìth
Tha 'n-diugh sgriobht' ann an clò ac',
A bhios cuimhn' aig gach linn
Air na rainn rinn Macleòid dhaibh.
Ach thàinig fir uasal
Air chuairt a bha eòlach,
Coinneach Mac Dhonnchaidh,
Fearchar Mac an Tòisich,
Sgoilearan ainmeil
À Ealghol na seòid ud;
Dh'innis iad dhòmhsa gach ainm bh' ann,
'S rinn mac-meanmhainn an còrr.
O nach taitneach ga innse
Chuile nì ann an òrdugh,
Sgurr nan Gillean ga dìreadh,
Bruach na Frìtheadh le bòidhchead,
Sgurr 'ac Coinnich, Sgurr Dearg
Far na mharbhadh ann mòran,
Faicinn sealladh air Blàth-bheinn
Coimhead Ghlàmaig 's a mòrachd.
Dol troimh Choire na Creicheadh
Far robh 'n cath aig Clann Dòmhnaill
Agus Leòdaich Dhun-Bheagain,
Fir nach teicheadh nam b' bheò iad,
Blàr na Cailliche Cama,
'S e a bh'ann 's rinn an dòrtadh
Air an fhuil bha san tuasaid
Chaidh a' ruaig air na Leòdaich.
Druim nan Ràmh 's Druim nan Aighean,
Gur iad m' aighear 's mo shòlas
Bhith gan siubhal air madainn
Dh'fhaicinn maise nam mòr-bheann,
ls a' ghrian air an adhar
Sguabadh thairis nan neòil dhith,
Chì mi Chìoch 's Sgurr a' Mhadaidh,
Sgurr Alasdair 's ceò oirr'.
Bheir mi sùil à sin sìos dhiom,
Chì mi riaghladh na glòire,
Chì mi Ealghola riabhach
Le ghobhair fhiadhaich a' còmhnaidh;
Ann am fradharc mo shùilean
Chì mi Rùm agus Sòaigh,
Chi mi Uibhist nam fuar-bheann,
Fada bhuam chì mi Leòdhas.
'S a Choir-uisg a' choir' àlainn,
Seo a' cheàrnaidh tha sònraicht';
Ann am Beurla 's an Gàidhlig
'S lìonmhor bàrd rinn dhi òran;
Cha ghabh e inns' ann an dàn
No air clàr dhuibh a mòrachd;
Bha Cu-Chulainn a' snàmh ann,
B' e seo àite na òige.
Nach robh còir ùmhlachd shìorraidh
A dhèanamh 's cha bheò e,
Do dh'Iain Mac Coinnich bha Sgobhsair
, Siud a' chom a bha eòlach;
Chan eil creag 's chan eil frìth
Nach do dhìrich e òg iad,
Sgurr 'ac Coinnich le ainm oirr.
Morton, 's dh'aithnicht' 's an Roinn-Eòrp e.
Nì mi nise co-dhùnadh,
Seo mo dhùrachd 's mo dhòchas,
Gu faic a' fear siùdain
Rathad cùrsa dha m' òran;
Dh'fhàg mi 'n tàrmachan sgiamhach
Seo gu fìor àite chòmhnaidh
Leis an iolaire Sgitheanach
'S is' tha riaghladh nan neòil ann.
Rugadh Calum Ruadh MacNeacail, mac le Iain mac Uilleim agus le Anna Dhòmhnaill Ruaidh, an Gead an t-Sailleir am Bràighe Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach ...
Fiosrachadh air Calum 'Ruadh' MacNeacail / Learn more about Calum 'Ruadh' MacNeacailCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.