Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacNeacail (An Sgiobair) agus air a sheinn le: Iain MacNeacail (An Sgiobair).
This is a song written by: Iain MacNeacail (An Sgiobair) and sung by: Iain MacNeacail (An Sgiobair).
Anns a' mhadainn 's mi ag èirigh
'S neo-èibhinn a tha mi,
Cha b' ionnan 's mar a b'àbhaist domh
Nuair bha mi sa Ghleann.
Bhon a thàinig mi 'n taobh-sa
'S beag m' shunnd ri ceòl-gàire;
Tha eilean nan àrd-bheann
Gach là tighinn nam shùim.
Gur ann gòrach a bha mi
Nuair a smaoinich mi fhàgail
Gur ann ann gheibhinn bàidh agus dòigh.
Cead laigh' agus èirigh
Gun chùram fon ghrèin dhomh;
Cha robh fàillinn na èis air mo lòn.
'S mi 'n Coir Odhar nam fiadh bheann
Dh'fhàg m' aigne cho cianail.
Chan eil iongnadh gad liathainn le bròn;
Gun nì air gach làmh dhìom
Ach coilltean is fàsach
Is monaidhean àrda fo cheò.
Tha mi faotainn gach riasladh,
Le droch shìd' agus siantan,
Mach air frìthean nam fiadh,
Mi gun dìon na gun sgàil.
Mi sgìth air mo chasan,
Ri cuibhleadh a' bhara,
Gu saoil mi le fadal,
Gur seachdain gach là.
'N àm tighinn dachaigh san fheasgar,
Bidh e drùidhte trom chraiceann,
Mo bhiadh cha bhi deasaicht'
Ged is beag dha mo chàil.
An fhàrdach bidh falamh
Gun cheò far an teallaich,
Cha b' ionnan sna gleannaibh
Far na chleachd mi bhith tàmh.
Ach nuair a thig deireadh bliadhna
Gur ann luath nì mi triall às
Air long-adhair na sgiathan,
Nach till siantan a' Mhàrt.
Gu seòl mi leath' thairis,
Thar chuain is thar bheannaibh;
Gun gabh mi gach aithghearr
Go eilean mo ghràidh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mu bheatha an Sgiobair agus a bhàrdachd anns an leabhar Hebridean Song-maker: Iain MacNeacail of the Isle of Skye le Tòmas A. McKean. Chaidh fhoillseachadh le Polygon an Dùn Èideann ann an 1997 agus tha CD de dh'Iain a' gabhail òrain an cois an leabhair.
Tha iomradh air a bheatha cuideachd anns an leabhar Voice of the Bard le Tim Neat a chaidh fhoillseachadh le Canongate an Dùn Èideann ann an 1999.

Rugadh Iain MacNeacail, An Sgiobair mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e, air 30 Dàmhair, 1903, ann an Siadar san Eilean Sgitheanach. Bha ochdnar chloinne ...
Fiosrachadh air Iain MacNeacail (An Sgiobair) / Learn more about Iain MacNeacail (An Sgiobair)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.