Òran air a sgrìobhadh le: niall mac ille sheathanaich agus air a sheinn le: brus burns agus còisir ghàidhlig cheann loch gilb.
This is a song written by: niall mac ille sheathanaich and sung by: brus burns and còisir ghàidhlig cheann loch gilb.
A chailin mo chridhe
A chailin mo ghaoil
Och nan och mo rùn chailin
'S truagh nach robh mi rid thaobh.
'S truagh nach robh mise mar riut
Ann an gleannan an fhraoich
Gun bhith 'g èisteachd ar n-aithris
Ach na h-aighean 's na laoigh.
Gun bhith 'g èisteachd ar brìodail
Neach a dh'innseadh don t-saoghal
Gun do gheall sinn bhith dìleas
Ann an dìomhaireachd gaoil.
Bidh sinn èibhneach ri 'r maireann
Gheibh sinn aighear nach saoil
Choidhch' cha trèig sinn ar gealladh
'S cha tig mealladh le aois.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.