Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: ruairidh macAsgaill.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: ruairidh macAsgaill.
Sèist / Chorus
Mo nighean donn nam meall-shùilean
Gur òg thug mi mo ghealladh dhut,
Nam faighinn thu le òrdugh clèir
Chan iarrainn sprèidh no fearann leat.
Mo nighean donn nam meall-shùilean.
Sgrìob a thug mi dhan bhaile seo
Cha robh an sgrìob ud aithreadh leam,
Air a' mhaighdinn tha mi 'n tòir
'S cha chùm an t-òr mo leannan uam.
Mo nighean donn nam meall-shùilean.
Mo nighean donn nach èist thu rium
'S gun inns mi pàirt dom sgeula' dhut,
Ma tha do chridh' a rèir do bheòil
A chaoidh rim bheò cha trèiginn thu.
Mo nighean donn nam meall-shùilean.
Innnsidh mi mar chuala mi
Mar tha gaol nan gruagaichean,
Mar shruthan bras a' ruith gu cas
'S gum mair e greis 's gum fuaraich e.
Mo nighean donn nam meall-shùilean.
'S mura bheil e 'n òrdugh dhuinn
Cha chuir an saoghal còmhla sinn,
'S ge b' e fear a gheibh air làimh thu
Guidheam slàint' is sòlas dha.
Mo nighean donn nam meall-shùilean.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.