Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: tormod macIllEathain (Tormod mac Alasdair 'ic Thormoid).
This is a song written by: Gun Urra and sung by: tormod macIllEathain (Tormod mac Alasdair 'ic Thormoid).
Sèist / Chorus
Mo bheannachd don bhàillidh ùr
'S e fhèin a choisinn an cliù
Nuair a thàinig e le trùp
Bho uaislean à dùthaich MhacLeòid.
'S thàini' tu led bhàirdse cruinn
Ghabh thu 'n earra-dheas air Port Rìgh
Thogadh do shaighdearan cìs
Ged a dh'fheumte strì nan dòrn.
'S bha 'm fear-lìon thall an dùil
Gun cuireadh e lìon ma-sgaoil
Ach feuchadh eile rinn e chùis
Nuair a dh'ùraicheadh na seòid.
'S chaidh do phèiste mun cuairt
Timcheall a Chinn a Tuath
'S dh'inns e dhaibh gun cheist, gun ghruaim
Gur e 'n cuan a bha fo sròin.
'S cò 'n tè nach tugadh dhut gaol
Dh'fhalbhadh tu cho luath ri maor
Le do shlaightirean ri do thaobh
Gun do sgaoil thu do chuid sheòl.
'S cò 'n tè nach tugadh dhut gràdh
Chaithris an oidhche gun tàmh
Cha teir' cùbair th' as a' bhlàths
Cha do thàrr e dhol na còir.
'S dualach dhuibh gun dèan sibh fhèin
Tha sibh ionnsaichte le chèil'
Gruagach uasal thoirt an teich
'S fhuair thu i 'n Cèitean a h-òig'.
'S ùr a' chraobh on d' rinn i fàs
Na bheil on talamh dhith 's gu h-àrd
Cha mhosgan i am bun no 'm bàrr
Ach an giuthas àlainn òg.
'S Dòmhnallaich sibh thèid gach thaobh
Làmh dhearg is suaicheantas air craobh
Long is bradan 's leòmhann caoich
Gidheagan is fraoch glas òg.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.