Òran air a sgrìobhadh le: neo-aithnichte agus air a sheinn le: neo-aithnichte.
This is a song written by: neo-aithnichte and sung by: neo-aithnichte.
Sèist / Chorus
JD, JD, JD agus Dallas,
JD, JD, dh'fhàg na h-ighneagan spaideil. JD.
'S thàinig a' fasan às a' Fhraing, chuir e sgoinn air gach caileag,
Còta goirid man a' ghlùin, fasan ùr a bh' aig Dallas. JD.
'S iomadh càil a rinn e, rinn e feum as a' bhaile,
Dhreasaig e Catrìona Nèill mar gach tè bh' as an fhasan. JD.
'S chuir e cùlan oirr' ma cluais, tighinn a-nuas air a broilleach,
Chuir e sin oirr' 's còta mòr agus brògan le strapan. JD.
'S iomadh tè rinn e faoin, rinn e 'n aois oirnn cho spaideil,
'S chan eil fasan thig às ùr nach bi 'n dùthaich ga chleachdadh. JD.
'S nuair a chì thu iad a' falbh dhan an t-searmon nan t-anail,
H-uile tè 's car na ceann 's i ri sealltainn ri casan. JD.
'S nuair a pheantas iad 'ad fhèin chun na cèilidh gu rach iad,
Bidh an gruaidhean mar na ròs, 's iad cho bòidheach ag amhairc. JD.
Siud a' sealladh nach bi buan, thig e nuas ann an aithghearr,
Geum na h-oidhch' 's i cho ciar, 's ad man liadhag a' chladaich. JD.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.