Eilean Uibhist

Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair MacMhathain agus air a sheinn le: Alasdair MacMhathain.

This is a song written by: Alasdair MacMhathain and sung by: Alasdair MacMhathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Thugaibh leam le uaill gu fonnmhor
Òran 's fonn do thìr mo ghràidh,
Uibhist rìomhach nan damh donn
A bhios nam smuain gu crìoch mo là.
Uibhist tìr nan ronnan àghmhor
Lochan àlainn, stùcan àrd;
O bu laoidheil, coibhneil, bàigheil
Gaisgeil, làidir anns gach càs.

O Chaol na Hearadh shuas mu thuath
Gu Cille Brìde fada deas,
Seinnidh mi le aoidh do mhòrachd
Do gach beann, gach gleann, is eas.
Càite 'm faic thu air an t-saoghal
Machraichean as àille snuadh?
'S bheir le cùbhraidheachd am fàileadh
Dath is dreach na slàint' gud ghruaidh.

Gheibh thu daoine cridheil, coibhneil
Feadh gach ceàrn do thìr mo ghràidh,
Iad nach diùltadh fasgadh oidhch'
Do choigrich a thig dhan àit';
Gheibh thu biadh ann agus aoidheachd
'S cha bhi faighneachd airson pàighidh,
On 's e fialaidheachd is coibhneas
Nàdar an t-sluaigh an tìr mo ghràidh.

Tha do chlann 's gach ceàrn den t-saoghal
Mòran dhiubh an inbhe àrd,
Ach cha diochuimhnich le faoineis
Iadsan tìr nam beanntan àrd;
Thoir mo shoraidh null do dh'Uibhist
Àite 's bòidhche leam rim bheò,
'S nach leig mi gu bràth à m' chuimhne
Gus an sìnear mi fon fhòd.

Seinneadairean / Performers

Alasdair MacMhathain

Rugadh Alasdair MacMhathain ann an Glaschu. Bha athair, Aonghas MacMhathain, à Stafainn san Eilean Sgitheanach agus bha a mhàthair, Criosaidh, à Loch Euphort an Uibhist ...

Fiosrachadh air Alasdair MacMhathain / Learn more about Alasdair MacMhathain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.