Cladach Sgiogarstaigh

Òran air a sgrìobhadh le: dòmhnall macCoinnich agus air a sheinn le: ailig moireach.

This is a song written by: dòmhnall macCoinnich and sung by: ailig moireach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O nach truagh nach robh mi fhathast
Na mo bhalach air an tràigh.
O 's e làithean dòigheil m' òig'
A dh'fhàgas sona mi gu bràth.

Chan eil gluasad air mol a' chladaich,
Cha chluinn mi brag nam botainn mhòir
Tha 'n-diugh fo fheur na taighean-sailidh
'S chan eil sgoth an-diugh air sàl.

Ann an Stiogha Tuath is mi nam sheasamh
'S mi ri 'g amharc mach am bàgh,
Toirt nam chuimhne nuair bha mi òg
Sgiogarstaigh siud àit' mo ghràidh.

Saoilidh mi nach eil glè fhada
On bha fear a' pheitein mhòr
Toirt air tìr nan ceudan langa,
Dùintean tiùrr a' bharra làn.

'N àm an earraich - na siùil gheala
Fàgail fearann dol gu àrd,
Mùirneag na dà leth air an taigh-sholais
'S e Carra-phìobair àite b' fheàrr.

B' e mo dhùrachd na mo bhalach
Tighinn a-steach a' Sòlas Caol,
Staoil an fhuarain 's fuaim a' Ghile
Tighinn gum chluais air oidhche chiùin.

Cho fad 's a bhios muir-làn ga lìonadh,
Faochag 's maorach na do thràigh,
Bidh mo dhùrachd is mo bheannachd
Aig a' chladach ud gu bràth.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.