Bithibh gu Sunndach Leam a-Nochd

Òran air a sgrìobhadh le: calum macFhionghain (Calum Ruadh) agus air a sheinn le: murchadh iòsaph dòmhnallach agus nan nicNèill.

This is a song written by: calum macFhionghain (Calum Ruadh) and sung by: murchadh iòsaph dòmhnallach and nan nicNèill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Bithibh gu sunndach leam-s' a-nochd
Bithibh gu socair coibhneil,
Dèanaibh ar mire ri nìghneagan còir
'S a h-uile rud òg bidh loinn air.

Fhuair mi deagh chuireadh a dh'ionnsaigh a' bhàl
A bh' aca sa bhàgh an oidhch' ud,
Trì uairean sa mhadainn a stad an cocàrd
'S e 'n geamair 's am bàt' a rinn e.

'S mise bha duilich nuair chaidh mi dhan bhàl
Nach tug mi mo Mhàiri fhìn ann,
Mun tàinig a' mhadainn gu robh mi mar chàch
Gun rib iad a dhà na trì mi.

Nuair chruinnich iad uile 's a thòisich an spòrs
Bha h-uile fear còmhla ri nìghneig,
Nach saoil sibh pèin nach math dhan fhear òg
A dh'fhaodas a' chròg a shìneadh.

Ged dhèanainn de ribeadh 's na dh'obair na cluais
Bhiodh teangannan luath ga innse,
Nan cluinneadh a' bhean agam bhiodh i fo ghruaim
B'fheàrr dhomh bhith luath 's sinn clear.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.