Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: jeanette nicDhòmhnaill, màiri mhoireasdan agus mòrag nicAoidh.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: jeanette nicDhòmhnaill, màiri mhoireasdan and mòrag nicAoidh.
Sèist / Chorus
Ailein Duinn, ò hì shiùbhlainn leat
Hì ri rì ò hi o ho
Haoireann ò ho o hì o ho o
Ailein Duinn, ò hì shiùbhlainn leat.
Chuala mi gun deach thu thairis
Air a' bhàta chaol, dhubh, dharaich.
Ailein Duinn ò hì shiùbhlainn leat.
Gura truagh nach mi bha làmh riut
G' e b' e tiùrr' am fàg an làn thu.
Dh'òlainn deoch g' e b' oil lem chàirdibh
Cha b' ann do bhùrn no do shàile.
Ailein Duinn ò hì shiùbhlainn leat.
No do dh'fhìon dearg na Spàinne
Ach a dh'fhuil do chuim, 's i b' fhèarr leam.
M' achanaich-sa, Rìgh na Cathrach
Gun mi dhol an ùir non anart.
Ailein Duinn ò hì shiùbhlainn leat.
An talamh toll non àite falaich
Ach sa bhall an deach thu, Ailein!
Ailein Duinn ò hì shiùbhlainn leat.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.