Òran air a sgrìobhadh le: alasdair macFhraing agus air a sheinn le: iain d. howie.
This is a song written by: alasdair macFhraing and sung by: iain d. howie.
Thoir dhòmhsa an gleann far bheil Comhann a' triall,
Far bheil Bidean-nam-Beann bho thoiseach gach ial,
Far am faic mi an iolair', far am fàileant' am fiadh,
Far am faigh mi a' bhiolair, cho blast' ris a' bhiadh.
Thoir dhòmhsa an gleann far bheil monaidhean àrd,
Far 'n do dheachdaich nèamh peann neo-bhàsmhor a' bhàird;
Far bheil coill' anns gach doire fad nas uaine nam feur,
Far bheil mil-fhraoich 's gach coire 'n gleann as àille fon speur.
Thoir dhòmhsa an gleann far bheil smeòraich air ghleus,
Far bheil còisir nan eun toirt ceòl dhomh gun èis,
Far bheil caoraich ri mèilich, far bheil leumnaiche cuain,
Is crodh-Gàidhealach a' ceumnaich air eileanan uain'.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.