Òran air a sgrìobhadh le: aonghas macDhonnchaidh agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig phort rìgh.
This is a song written by: aonghas macDhonnchaidh and sung by: còisir ghàidhlig phort rìgh.
Tha an samhradh air tighinn, tha chuthag air tilleadh,
Tha iarmad an fhirich cur luinneig an gleus;
Thriall sàmhchair a' ghlinne mar sgàilean an t-silidh,
'S tha 'n duilleag air mhire le siùdan nan geug.
Sèist / Chorus
Tha 'n samhradh air tighinn, cha bhi mi leam fhìn,
Tha 'n samhradh air tighinn, cha bhi mi leam fhìn.
Tha 'n samhradh air tighinn, thèid mise gum nighinn,
'S bidh iarmad an fhirich cur luinneig an gleus.
Tha 'n samhradh air tighinn, cha bhi mi leam fhìn.
Nach caomh leat an t-sòbhrag mu aodainn nan òban!
Nach caomh leat an neòinean a' còmhdach an t-slèibh!
An druid air an ògan, an driùchd air an ròsan,
Is ceileireadh sòlais tighinn beò anns an speur.
Bidh sumainnean geala mar chualaidh na mara
Ag iomart gu cala len aignidhean rèidh;
Thoir an eidheann bhon chuilionn 's an leòmhann bho cuilean,
Ach fàg mi air m' uilinn air mullach Dun Sgèith.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.