Siud Mar Chaidh an Càl a Dholaidh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir àrd-sgoil an òbain.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir àrd-sgoil an òbain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Siud mar chaidh an càl a dholaidh,
Seo mar chaidh an càl a dholaidh,
Siud mar chaidh an càl a dholaidh
Air na bodaich Ghallta.

Laigh a' mhin air màs a' choire,
Laigh a' mhin air màs a' choire,
Laigh a' mhin air màs a' choire,
'S bean an taighe dannsadh.

Laigh a' mhin air màs a' choire,
Is bha an sùgh mì-bhlasta dona;
Laigh a' mhin air màs a' choire,
'S bean an taighe dannsadh.

Siud mar chaidh an càl a dholaidh,
Laigh a' mhin air màs a' choire;
Siud mar chaidh an càl a dholaidh,
Air na bodaich Gallta

Air dhuinn greis air gabhail òran,
'S tacan eile air sgeulan gòrach,
Chuir Rob Cam a phìob an òrdugh,
'S thòisich cuid ri dannsadh.

Staigh oirnn thàinig bean an taighe,
Leis gach tè a bha aig baile,
Nighean òg is seann chailleach,
'S iad a' togradh dannsadh.

Rug MacRaing air tè bhig chlannaich
Ghabh mi fhìn rium bean an taighe
'S am prioba sùl bha tè an achlais
H-uile fear a bh' ann dinn.

'S ann an sin bha 'n scraighlich shunndach
Cur nan car dhinn air an ùrlar
Feadan pìob a' spreigeadh sùrd oirnn
'S dosan mòra dranndan.

Nuair bha an ùpraid dol an dèinead,
'S caitean ag èirigh air na dèilean,
Ràinig fear-an-taighe fhèin,
Le buidheann bhodach Gallta.

Leithid a dh'othail shìos an staidhir,
Iadsan dìreach bhàrr an fhaidhir,
Gairm gu crosta air na mnathan
'S b' uabhasach an greann orra.

Air an claoidh le sgìos is acras,
Fad an latha gun dad aca,
B' olc an nì air tighinn dhachaigh,
An càl a bhith air chall dhaibh.

Throd am fear ri mhnaoi gu sgraingeil,
Fhreagair ise cheart cho searbh ris,
"Bhodaich mhùgaich, cùm do theanga,
'S caisg air ball do dhranndan."

"'S beag orm thu, a bhodaich ghràinde,
Seach bhith cleasachd measg nan Gàidheal,
Ceòl na pìoba, cainnt na Gàidhlig!
Siud iad riamh a b' annsa leam!"

Siud mar chaidh an càl a dholaidh,
Seo mar chaidh an càl a dholaidh,
Laigh a' mhin air màs a' choire
'S bean an taighe dannsadh.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.