Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir bhun-sgoil bhraghad albainn agus còisir òg a' bhac.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir bhun-sgoil bhraghad albainn and còisir òg a' bhac.
Sèist / Chorus
Mo roghainn 's mo rùn a chunna mi an-dè,
Gun gabhainn dhomh fhèin gun stòras i,
Mo roghainn 's mo rùn a chunna mi an-dè.
Latha dhomh 's mi falbh nan àrd gur trom a bhàrc an ceò orm.
Mo roghainn, etc.
Ghabh mi sìos an cois an fhuarain 's thachair gruagach òg orm.
Mo roghainn, etc.
Bu ghorm a sùil, bu dearg a gruaidh, bu ghlan a snuadh 's bu bhòidheach i.
Mo roghainn, etc.
Thug mi i gu cnocan grianach 's dh'iarr mi iasad pòige oirre.
Mo roghainn, etc.
Chrom i ceann is ghabh i àrdan 's tàmailte gu leòr oirre.
Mo roghainn, etc.
Labhair i 's i gabhail rium mì-thlachd 'n ann a chur sìos rim bheò orm.
Mo roghainn, etc.
Mas e fear thu th' aig mo shàile ruig an t-àite an còir dhomh bhith.
Mo roghainn, etc.
Le toil m' athar is mo mhàthar 's cead mo chàirdean còrdaidh sinn.
Mo roghainn, etc.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.