Mo Mhàiri Bhàn

Òran air a sgrìobhadh le: iain aonghas macLeòid agus air a sheinn le: còisir Àrd-sgoil a' chaisteal, còisir Àrd-sgoil phort righ agus glace bay tenors.

This is a song written by: iain aonghas macLeòid and sung by: còisir Àrd-sgoil a' chaisteal, còisir Àrd-sgoil phort righ and glace bay tenors.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Thug mi gaol do Mhàiri bhàn;
's i mo mhùirnein, flùr nan caileagan,
maiseach mìog-shùil Màiri bhàn.

Binn a guth mar shruthan aighearach,
aotrom ceum mar leumas am meann,
boillsgeadh grèin' air slèibhtean àrda,
Màiri ghràdhach, reul nan gleann.

Gorm a sùil mar dhrùchd cho sradagach,
dual an òir air òigh an fhuilt rèidh,
gruaidh air bhòidhchead ròs an t-slèibhe,
dreach nan caorann dearg na beul.

Chì mi h-ìomhaigh chiatach, cheanalta,
latha 's a dh'oidhche aoibhneas mo smuain;
ge b' e àite, Mhàiri, 'm bi thu,
sìth dhut is sonas gu Latha Luain.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.