Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: ailean macEanraig agus seinn aon neach (Balaich).
This is a song written by: Gun Urra and sung by: ailean macEanraig and seinn aon neach (Balaich).
Sèist / Chorus
Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium,
Mi gun mhire, gun mhànran 's mo làmh air an stiùir.
Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium.
Am bun Loch na Bèiste gun d' rinn i oirnn sèideadh,
'S bha mise nam èiginn nach gèilleadh an stiùir.
Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium.
Dol seachad air Arainn bha gaoth far an fhearainn,
Muir dhùbhghorm 's clach-mheallain a' dalladh ar sùil.
Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium.
Dol seachad air Eige, an t-eilean beag creagach,
Gum b' fheudar dhuinn beagan a leagail de shiùil.
Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium.
A-steach gu ruig Malaig bha 'n fhairge a' stealladh,
'S gun nì air a balaist ach baraillean lionn.
Leig dhìot an cadal 's tionndaidh rium.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.