Òran air a sgrìobhadh le: caiptean aonghas macLaomainn agus air a sheinn le: còisir àrd-sgoil phort rìgh agus steafan jamieson.
This is a song written by: caiptean aonghas macLaomainn and sung by: còisir àrd-sgoil phort rìgh and steafan jamieson.
Sèist / Chorus
Ma thèid thu Lag nan Cruachan
Dèan innse dhaibh mur cual' iad e,
Gur ann air moch Diluain
Le gaoth tuath a rinn sinn seòladh.
Nuair dh'fhàg sinn a-mach Grianaig,
Bha ceò is fèath nan eun againn;
'S ged chuir sinn h-uile stiall oirre
Cha dèanadh i dhuinn crònan.
'N sin fhuair sinn mar a b' àill leinn i
Is chroch sinn na siùil àrda rith';
Nuair chuimhnich mi mo mhàthair,
Bhith ga fàgail, bha mi brònach.
Diardaoin bha latha b' èibhinn ann
Ri taobh an fhearainn Èireannaich,
'S i againn mar a dh'fheumamaid
Tighinn às ar dèidh le sòlas.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.