Òran air a sgrìobhadh le: mairead nicDhòmhnaill agus air a sheinn le: cairìstiona nic a' phearsain agus mairead nicLeòid.
This is a song written by: mairead nicDhòmhnaill and sung by: cairìstiona nic a' phearsain and mairead nicLeòid.
Sèist / Chorus
'Ille dhuinn, 's toigh leam thu
'S toigh leam fhèin thu, laochain
Mas toigh leat mi, gur toigh leam thu
'S gur òg a thug mi gaol dhut.
Dh'fhalbh mi mar a b' àbhaist dhomh
Air tàillibh choimhead chaorach
Gur beag a bha dhem fhor orra
'S mo leannan air a' chaolas.
'S tric a thuirt mo phàrantan
Gur tàmailt leotha m' fhaoineas
Gum faighinn fear na b' fheàrr na thu
Le bàtaichean is bìrlinn.
Ged bhiodh aige bàt' is long
Air bhàrr nan tonn gu h-aotrom
Gum b' annsa leam an gille donn
Is e gun bhonn dhen t-saoghal.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.