Ho Rò na Ribeannan

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir àrd-sgoil mhicNeacail agus còisir òg ghàidhlig ìleach ghlaschu.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir àrd-sgoil mhicNeacail and còisir òg ghàidhlig ìleach ghlaschu.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ho rò na ribeanan, na ribeanan, na ribeanan
Ho rò na ribeanan a thug an gille ruadh dhomh.
Ho rò na ribeanan, na ribeanan, na ribeanan
Ho rò na ribeanan a thug an gille ruadh dhomh.

H-uile tè is currag oirre is rioban air a' mhullach aige,
'S ann a tha am mulad air an tè nach urrainn fhuasgladh.
H-uile tè is currag oirre is rioban air a' mhullach aige,
'S ann a tha am mulad air an tè nach urrainn fhuasgladh.

Chuirinn crùn amaideach a' riobanan nan caileagan,
Gum b' fheàrr dhomh chur san drama na bhith teannachadh nan cuailein.
Chuirinn crùn amaideach a' riobanan nan caileagan,
Gum b' fheàrr dhomh chur san drama na bhith teannachadh nan cuailein.

Thèid thu null air an fhadhail nì thu sin,
Thig thu nall air an fhadhail nì thu sin,
Thèid thu null air an fhadhail,
Nì thu ghruagach a thadhal,
Far na dh'fhàg thu do roghainn nì thu sin.

Sèist / Chorus

O tha m' ulaidh air, tha m' ulaidh air,
Cha bhi e ris an òl,
Tha m' aighear air, tha m' aighear air,
Cha bhi e ris an òl,
M' eudail air an t-sùil 's air a' mhala th' os a cionn,
Gaol mo chridhe air a' ghille, gràdhan air.

Tighinn air a' mhuir tha fear a phòsas mi,
Tighinn air a' mhuir tha fear a phòsas mi,
Tighinn air a' mhuir tha an gille buidhe bòidheach,
Cìobair nan òisgean a phòsas mi.

Tighinn air a' mhuir tha fear a phòsas mi,
Tighinn air a' mhuir tha fear a phòsas mi,
Tighinn air a' mhuir tha an gille buidhe bòidheach,
Bucaill air a bhrògan le òrdugh an Rìgh.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.