Gur tu mo Chruinneag Bhòidheach

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: buidheann luaidh òg dhùn èideann.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: buidheann luaidh òg dhùn èideann.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Fill-iù oro hù o
bu tu mo chruinneag bhòidheach
Fill-iù oro hù o.

Dheighinn dhan a' ghealaich leat
Nan gealladh tu mo phòsadh.

Dheighinn leat a dh'Uibhist
Far am buidhicheadh an t-eòrna.

Dheighinn leat a dh'Èirinn
Gu fèill nam ban òga.

Dheighinn dha na rionnagan
Nam biodh do chuideachd deònach.

Dheighinn leat an ear 's an iar
Gun each, gun srian, gun bhòtainn.

Mise muigh air cùl na tobhta
'S tusa staigh a' còrdadh.

Mi 'g èisteachd ris na diùcannan
A' cur do chliù an òrdugh.

'S ag èisteachd ris na h-iarlachan
Gad iarraidh gus do phòsadh.

'S chuala mi na ministearan
A' bruidhinn air do bhòidheachd.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.