Clachan Ghlinn Da Ruaidheil

Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Fleidsear (Aonghas a' Ghobha) agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig an leargaidh ghallda, graham camshron, mairead chaimbeul agus màiri flòraidh nicFhionghain.

This is a song written by: Aonghas Fleidsear (Aonghas a' Ghobha) and sung by: còisir ghàidhlig an leargaidh ghallda, graham camshron, mairead chaimbeul and màiri flòraidh nicFhionghain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Mo chaileag mhìn-gheal, mheal-shùileach
A dh'fhàs gu fallain, fuasgailt
Gur trom mo cheum on dhealaich sinn
Aig Clachan Ghlinn da Ruaidheil.

Didòmhnaich rinn mi còmhlachadh
Bean òg as mòdhar gluasad,
Tha guth mar cheòl nan smeòraichean
'S mar bhil' an ròis a gruaidhean.

'S ro fhaiceallach na còmhradh i,
Gun sgilm, gun sgleò no tuaileas
Gur flathail coiseachd shràidean i
Air beagan stàit no guaineis.

O 's truagh nach robh mi 's m' àilleagan
Air àirigh 'n cois nam fuar-bheann;
Bu shocair sèimh a chaidlinn
'S i nam achlais air an luachair.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.