Cha Toir Iain Mòr an Nighean Dhomh / Tha Biodag aig MacThòmais

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig an òbain.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir ghàidhlig an òbain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Cha toir Iain Mòr an nighean dhomh
Cha toir, cha toir, cha toir, cha toir,
Cha toir Iain Mòr an nighean dhomh
Mur toir nach glèidh e fhèin i.

Nighean donn à Sgùlamas
Tha liost o thaobh a cùil oirre,
'S chan eil taobh a thionndas i
Nach tòir a lùbach leum aist'.

Nighean donn a' cheannaiche
Tha shìos an ìochdar Harabul,
Chan eil fear nach mealladh i
Le clannaichead 's le beusan.

Tha biodag aig MacThòmais,
Tha biodag fhada mhòr aig';
Tha biodag aig MacThòmais
'S gur math a dh'fhoghnadh sgian dha.

Sèist / Chorus

Tha biodag air 's a gliogadaich,
Os cionn bann na briogais aig';
'S na faiceadh tu mar thigeadh e,
Bu mhath a dh'fhoghnadh sgian dha.

Tha bucallan na bhrògan,
Tha bucallan na bhrògan,
Tha bucallan na bhrògan,
'S bu mhath a dh'fhoghnadh iallan.

Tha crios à leathar ròin air,
Tha crios à leathar ròin air,
Tha crios à leathar ròin air,
'S bu mhath a dh'fhoghnadh sìoman.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.