Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: dawn gibbs.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: dawn gibbs.
Sèist / Chorus
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn
Buain na rainich, buain na rainich,
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich daonnan.
'S tric a bha mi fhìn 's mo leannan
Anns a' ghleannan cheòthar,
'G èisteachd còisir bhinn an doire
Seinn sa choille dhòmhail.
O nam faicinn thu a' tighinn,
Ruithinn dhol nad chòdhail,
Ach mur tig thu 'n seo gam shireadh,
Ciamar thilleas dòchas?
Anns an t-sìthean, o, gur sgìth mi;
'S tric mo chridh ga leònadh.
Nuair bhios càch a' seinn nan luinneag
Cha dèan mis' ach crònan.
'S bochd nach robh mi leat a-rithist,
Sinn a bhiodh ceòlmhor;
Rachainn leat gu cùl na cruinne
Air bhàrr tuinne a' seòladh.
Ciod am feum dhomh a bhith tuireadh;
Dè nì tuireadh dhòmh-sa
'S mi cho fada o gach duine
B' urrainn tighinn gam chòmhnadh?
Cùl an tomain, bràigh an tomain,
Cùl an tomain bhòidhich,
Cùl an tomain, bràigh an tomain,
H-uile latha nam ònar.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.