Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: catrìona a. nicDhòmhnaill agus màiri mhoireasdan.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: catrìona a. nicDhòmhnaill and màiri mhoireasdan.
Sèist / Chorus
An gille dubh cha trèig mi
'S le fear a' chruidh cha tèid mi,
An gille dubh cha trèig mi
Bhon thug mi fhèin mo ghealladh dha.
Is e mo ghaol an t-uasal
A dh'imich thar nan cuantan.
Bu shealgair choileach ruadh e
Mun gluaiseadh iad sa chamhanaich.
Gur e mo ghaol an t-òigear
Aig bheil a' mheall-shuil bhòidheach.
Gun aithnichinn do cheum còmhnard
A-mach air lòin a' bhaile seo.
Ma rinn thu mis' a threigsinn
An comhairle luchd-breige,
Mo mhìle beannachd fèin leat
Bhon 's e gum b' fheudar dealachadh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.