Coimiseanadh tro mheadhan na Gàidhlig

COTHROM ÙR AIRSON POD-CHRAOLADH BHIDIO SA GHÀIDHLIG AIRSON CUPA NA CRUINNE 2026

Tha dùil gum bi samhradh 2026 na thaisbeanadh spòrs air leth, le Alba a’ tilleadh chun àrd-ùrlar as motha ann am ball-coise an t-saoghail is sgioba nàiseanta nam fir a’ farpais aig Cupa na Cruinne airson a’ chiad uair bho 1998. Brosnaichidh seo còmhraidh nàiseanta mun sgioba agus mun fharpais a bhios air feadh nan Stàitean Aonaichte, Canada agus Meagsago.

Tha BBC ALBA a’ coimhead ri pod-chraoladh bhidio a choimiseanadh sa Ghàidhlig airson comharrachadh an àm eachdraidheil seo.

Thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, tha ball-coise air gluasad bho bhith a’ craoladh san dòigh traidiseanta gu còmhraidhean fada le barrachd deasbadan meòrachail a bheir prìomhachas do shusbaint onarach, stèidhichte air pearsantachd. Bidh prògraman mar The Rest is Football agus Open Goal a’ tàladh an luchd-èisteachd le beachdan sònraichte agus sgeulachdan èibhinn, agus tha The Overlap a-nis mar aon de na prìomh irisean spòrs air YouTube san RA le luchd-leantainn òg làidir.

’S e ar prìomhachas dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig, ann an dòigh ùr, inntinneach aig teis-mheadhan cuspair a bhios gu cinnteach aig bàrr inntinn mhòran tron Ògmhios agus an t-Iuchar. Tha sinn ag amas air luchd-cleachdaidh Gàidhlig fo aois 45. Ach, bhiodh sinn an dòchas ruighinn duine sam bith aig a bheil ùidh ann am ball-coise no a th’ air am beò-ghlacadh le Cupa na Cruinne.

Ged a bu chòir irisean a bhith fiosrachail, chan e pod-chraoladh naidheachd a tha seo. Bu chòir beachdan lèirsinneach is èibhinn a bhith na lùib, a thuilleadh air dàimh eadar aoighean a bhios tarraingeach dhan luchd-èisteachd. Tha sinn a’ sireadh chom-pàirtichean a tha ainmeil taobh a-staigh saoghal na Gàidhlig a tha comasach air conaltradh gu sgiobalta agus gu h-innleachdach ri cach a chèile, agus aig an aon àm cruthachadh àite agus a’ brosnachadh com-pàirteachadh bho gach neach. Bu chòir don phod-chraoladh bhidio prìomh fòcas a chur air com-pàirteachadh sgioba na h-Alba san fharpais.

Tha sinn an dùil co-dhiù sia prògraman a choimiseanadh aig an ìre seo, ged a leigeas dòigh-obrach shùbailte leinn barrachd phrògraman a choimiseanadh, ma bhios sin a dhìth, mar a bhios an fharpais a’ dol air adhart. Bu chòir do dh’irisean a bhith stèidhichte air prìomh amannan, ge bith an e fios mu cò a tha san sgioba no geamannan na buidhne a bhios ann. Feumaidh iad sin a bhith air an cruthachadh gu sgiobalta airson foillseachadh cho faisg air an àm ’s a ghabhas. Tha sinn an dùil gum bi am pod-chraoladh bhidio air BBC Sounds, BBC iPlayer agus seanail YouTube BBC ALBA, a’ leigeil le luchd-cleachdaidh an t-susbaint fhaighinn san dòigh as fheàrr leotha.

Bu chòir gum biodh na deilbh a tha dol leis a’ phod-chraoladh a bhith tarraingeach dhan luchd-cleachdaidh agus dhan taiceachadh iad fhèin a bhogadh sa chuspair. Bu chòir dhaibh a bhith àrd-inbhe gus an tèid criomagan an sgaoileadh air ùrlaran meadhanan sòisealta BBC ALBA.

Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan bho chompanaidhean riochdachaidh Albannach no luchd-cruthachaidh susbaint aig a bheil ùidh anns na tha gu h-àrd. Dèanaibh cinnteach gum bi na leanas anns na molaidhean agaibh:

• Ainm

• Tàlant air an èadhar agus riochdachaidh

• Geàrr-chunntas air a’ mhodail riochdachaidh

• Structar a’ chiad iris

• Stoidhle nan dealbh

• Buidseat (’s e £2500 gach prògram ar moladh, ged a tha sinn fosgailte bruidhinn mun seo leis a’ chompanaidh chruthachail / riochdachaidh soirbheachail)

 

Bu chòir tagraidhean a chur a-steach gu bbcalbacommissioning@bbc.co.uk ro 5f feasgar air 28 Giblean 2026.

 

 

CUAIRT COIMISEANAIDH BBC ALBA, FOGHAR 2025

Tha BBC ALBA ag amas air stuthan a lìbhrigeadh a tha freumhaichte, fiosrachail agus ris am faodar ceangal a dhèanamh. Agus tha sinn amasach, le sealladh farsaing airson ar cànan agus ar cultar a thaisbeanadh gu h-eadar-nàiseanta.

Tha sinn a' sireadh mholaidhean dàna airson prògraman aithriseach a bhios comasach air luchd-amhairc farsaing a thàladh, a thuilleadh air beachdan cruthachail a dh'fhaodadh aithne is cliù a chosnadh don t-seanail.

PRÌOMHACHASAN COIMISEANAIDH

  • Tha sinn a' sireadh susbaint aithriseach a bheir buaidh. Tha fàilte ro phrògraman le caractaran is sgeulachdan làidir a tha freumhaichte ann am beatha an latha an-diugh.
  • Beachdaichidh sinn air sreathan cur-seachad a tha air a bhith soirbheachail le luchd-cleachdaidh cheana.
  • Tha sinn a' sireadh bheachdan a bhios tarraingeach do luchd cleachdaidh aois 18-35.
  • Chan eil sinn a' sireadh chuspairean eachdraidheil ach beachdaichidh sinn air sgeulachdan ceangailte ri spòrs bho na deicheadan a dh'fhalbh; no sgeulachdan le ceangal co-aimsireil, dòigh-obrach ùr-ghnàthach, no aig a bheil ceangal dearbhte le craolaidear(an) eile.
  • Chan eil sinn a' sireadh thagraidhean mu thachartasan ciùil ach beachdaichidh sinn air prògraman aithriseach ciùil.
  • Ged nach eil co-mhaoineachadh riatanach chuireadh sinn fàilte air beachdan le ceangal maoineachaidh ri craoladairean/maoineadairean eile.

 

PRÌOMHACHASAN CLÀIR

  • Tha a' chuairt seo airson susbaint a thèid a lìbhrigeadh do chlàr 2026, iPlayer agus YouTube BBC ALBA.
  • Tha sinn a' sireadh susbaint sònraichte, tarraingeach a sheasas a-mach an dà chuid aig prìomh amannan anns a' chlàr loidhneach, agus air iPlayer.
  • Tha fàilte ro bheachdan airson sreathan a thèid am foillseachadh air iPlayer agus YouTube BBC ALBA an toiseachd. Bu chòir rudeigin sònraichte a bhith aig cridhe molaidhean iPlayer agus YouTube gus am bi luchd-amhairc air am beò-ghlacadh bhon fhìor thoiseach. Bu chòir prògraman a bhith sgiobalta, dàna, dathte agus eirmseach. Bu chòir dhaibh a bhith comasach air a bhith air an deasachadh a' cleachdadh modhan lìbhrigidh didseatach.

DREACHAN AGUS FAID

  • Beachdaichidh sinn air molaidhean airson prògraman aithriseach fa-leth agus sreathan goirid.
  • Bidh sinn sùbailte a thaobh faid a rèir a' bheachd fhèin.
  • Beachdaichidh sinn air prògraman nas fhaide aithriseach a dh'fhaodadh a bhith air an taisbeanadh ann an taighean-dheilbh mus nochd iad air TBh ​loidhneach. Thathas an dùil gun tig prògraman aithriseach fada le co-mhaoineachadh no gum bi plana ionmhais co-mhaoineachaidh nan cois.

CO-MHAOINEACHADH

Thèid prìomhachas a thoirt do bheachdan a bheir aire do thuilleadh maoineachaidh bho leithid:

  • Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail

https://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/screen

  • Creideasan Cìse BFI

https://www.bfi.org.uk/supporting-uk-film/british-certification-tax-relief

 

TAGRAIDHEAN

Bu chòir do thagraidhean a bhith mu dhuilleag no dhà (aig a' char as fhaide) agus feumar iomradh a thoirt air na leanas:

  • Tiotal a' phrògraim. Bu chòir seo a bhith goirid, soilleir is tarraingeach do dhaoine a' coimhead air iPlayer; facail a sheasas a-mach agus a ghlacas brìgh cuspair a' phrògraim. Feuch an toir thu seachad ainm Gàidhlig is Beurla.
  • Cruth. An àireamh de phrògraman agus am faid.
  • Luchd-amhairc air a bheileas ag amas. Dè an seòrsa sluaigh air a bheil am prògram ag amas?
  • Buidseat. Cosgais gach prògram agus/no an t-sreath slàn (mar a bhios iomchaidh).
  • Geàrr-chunntas. Beachd a' phrògraim gu sgiobalta.
  • Susbaint. Geàrr-chunntas den sgeulachd, le fiosrachadh mu na prìomh dhaoine a bhios air an sgrion (le cothrom am faicinn air bhidio goirid ma tha sin comasach), an dòigh-obrach agus an stoidhle cruthachail. Mas e sreath a th' ann, innis dhuinn dè tha tarraingeach mu dheidhinn agus dè bheireadh air an luchd-amhairc tilleadh airson barrachd.
  • Dearbhadh. Feumar dearbhadh fhaicinn air aonta bho na daoine, an sgeulachd air a neo an làrach air a bheil an sgeulachd stèidhichte. Feumaidh seo a bhith stèidhichte air còmhraidhean agus chan ann air beachd. 
  • Dreach dealbh son iPlayer. Rudeigin tarraingeach agus grafaigeach; ciamar a ghlacas sùil an neach-coimhid agus am brosnachadh gus coimhead?
  • Dhà no trì ìomhaighean làidir
  • Prìomh sgioba far-sgrion
  • Meadhanan didseatach. Iomradh air planaichean didseatach is sòisealta. Innis dè bhios an cois a' bheachd a thaobh susbaint taic didseatach m.e. reels, mìrean goirid, msaa. Ciamar a bheir seo taic don bheachd air a neo bheil e mar susbaint a bharrachd agus fa-leth.
  • Beachd air cothroman margaidheachd

 

Dèanaibh cinnteach gu bheil na h-eileamaidean riatanach seo uile anns an tagradh agaibh.

Cuiridh sinn fàilte air blasad den bheachd fhaicinn air bhidio goirid ged nach eil seo riatanach. Ach, ma tha daoine nach eil air nochdadh anns na meadhanan roimhe an sàs tha ro-shealladh air bhidio deatamach.

Feuch nach cuir sibh ainmean dhaoine ri na tagraidhean mura deach bruidhinn riutha agus gun do sheall iad ùidh ro-làimh.

 

DEITICHEAN AIRSON TAGRAICHEAN

Ceann-latha airson beachdan: Diluain 29 Sultain, 5f

Aon uair 's gu bheil na tagraidhean uile aig an Sgioba Coimiseanaidh, thèid breithneachadh orra gu mionaideach agus thèid geàrr-liosta a dhèanamh de na beachdan a thathar a' measadh as làidire anns a' chuairt.

Thèid coinneamh a thabhainn an uair sin le Riochdairean gus bruidhinn air na pròiseactan air a' gheàrr-liosta. 'S e cothrom a bhios an seo sgrùdadh a dhèanamh air na tagraidhean ann am barrachd doimhneachd.

Tha sinn an dùil coinneachadh le Riochdairean aghaidh ri aghaidh aig Cidhe a' Chuain Shèimh ann an Glaschu no air loidhne air 9 / 10 Dàmhair agus air 20 / 21 Dàmhair.

Às dèidh nan coinneamhan seo, bidh sinn ag amas air fiosrachadh a sgaoileadh mu ar co-dhùnaidhean coimiseanaidh air 31 Dàmhair.

Bu chòir tagraidhean agus ceistean sam bith mu rud sam bith sa Chuairt Coimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill agus Jennifer NicCoinnich aig: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

 

 

Cò Sinn?

  • Ceannard Craoladh Gàidhlig & Caidreachas: Mairead Mairi Mhoireach 
  • Stiùiriche Leasachadh Susbaint: Mairead Chamshron 
  • Deasaiche Coimiseanaidh: Uilleam MacLeòid
  • Neach-coimiseanaidh: Fiona NicChoinnich
  • Neach-coimiseanaidh: Calum McConnell
Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: